Fear an grèim co-cheangailte ri teine

Chaidh fear a chur an grèim mar phàirt de rannsachadh air teine air a' mhonadh faisg air Sròn an t-Sìthein bho chionn cealla-deug.

Tha dùil gu nochd fear aois 39 sa chùirt sa Ghearasdan Diluain.

B' fheudar do Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba iarraidh air daoine gun falasigearan a dhèanamh air a' mhìos a chaidh le cho trang sa bha iad leotha.

Tha iad air a bhith a' sgapadh gu luath leis gu bheil an t-sìde air a bhith cho tioram.