Mì-chinnt mun iomain

Caman
Image caption Tha ceistean mòra ann mu na planaichean 'son structar lìge Chomann na Camanachd.

Chan eil e soilleir fhathast dè an co-dhùnadh dhan tàinig Bòrd Stiùiridh Chomann na Camanachd aig coinneamh oidhche Mhàirt mu structar nam farpais.

Tha an comann an dùil Prìomh Lìog na h-Iomain a ghearradh bho 10 sgioba gu 8 agus Lìog Nàiseanta eile de 8 a stèidheachadh cuideachd.

'S ann a tha grunn sgiobaidhean air draghan a nochdadh mu na planaichean sin.

Chuir Camanachd an Eilein Sgitheanaich air adhart tagradh gus structar nam farpais fhàgail mar a tha e.

Thàinig tagradh eile bhuapa an t-seachdain seo ag iarraidh coinneamh shònraichte - EGM - mura tèid cead a thoirt dhaibh na gearrainnean aca a thogail aig a' choinneimh bhliadhnail air an 26mh den Ghiblean.

Bha taic aig na Sgitheanaich san iomairt ùr aca bho Chaol Bhòid, Ceann a' Ghiuthsaich agus Bail' Ùr an t-Slèibh.

Bha am bòrd-stiùiridh a' coimhead ris a' ghnothach oidhche Mhàirt.

Thathas a' feitheamh brath oifigeil bhuapa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile