Soraidh slàn air muc-mhara an Òbain

Muc-mhara Image copyright Chris Jackson
Image caption Chuir a' mhuc-mhara seachdain seachad ann am Bàgh an Òbain.

Tha muc-mhara a chuir grunn laithean seachad ann am Bàgh an Òbain air tilleadh gu muir.

Thàinig daoine à fad is farsaing 'son coimhead air a' mhuc-mhara, a nochd sa bhàgh aig toiseach a' Ghiblein.

Tha e mu 12 meatair a dh'fhaid is tha 20 tonna de chuideam ann.

Thuirt Dàibhidh Scott bho Sheirbheis Teasairginn Beathaichean Mara Bhreatainn gun do dh'fhàg a' mhuc-mhara Diluain.

Thuirt e gun robh turas a' bheathaich a dh' Earra-Ghàidheal air fiosrachadh glè chudromach a thoirt do dh'eòlaichean.

"Chan eil duine air beathach mar seo fhaicinn cho faisg ris a' chladach cho fada ri seo.

"S e suidheachadh gu math neo-àbhaisteach a bh' ann agus ma thachras e a-rithist, bidh fios againn mar bu chòir dhuinn a' làimhsicheadh.

"Chan eil fios againn carson a thàinig e dhan bhàgh ach bidh mucan-mara a' sireadh fasgadh bho àm gu àm.

"Fhuair sinn a-mach gun robh e comasach dha tighinn sa falbh mar a thogradh e agus dh'fhàg e e fhèin air a' cheann-thall.

"Tha sin a' sealltainn gum bu chòir dhuinn beathaichean mar seo fhàgail aig fois ma s' urrainn dhuinn", thuirt e.

Thuirt Mgr Scott nach eil fios a-nise càite bheil a' mhuc-mhara.