Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Tha atharrachadh mòr a' tòiseachadh an-diugh air sochairean do chiorramaich. Tha siostam ùr a' tighinn gu bith, a' tòiseachadh ann an ceann a tuath Shasainn, airson a bhith a' tomhas cò tha airidh air taic. Tha buidhnean cathranais a' gearain gun tèid sochairean a ghearradh agus gum bi daoine a' fulang.

Sandiford

Cha do shoirbhich idir le boireannach à Breatainn a rinn ath-thagradh an aghaidh binn bàis a chaidh oirre airson a bhith a' cùilteireachd cocaine gu ruige Eilean Bali 'sa Chuan Innseanach. Chaidh Lindsay Sandiford, a tha 56, agus a bhoineas do Gloucestershire, a chur an grèim an dèidh dhith tilleadh air pleana à Bangkok sa Chèitean an-uiridh.

Murt

Chaidh duine a chur fo chasaid gur e a mhurt poidhleat aig flat ann an Dùn Èideann. Chaidh corp Steven Barrett, a bha 27, fhaighinn ann an sgìre Lochend ann an Dùn Èideann madainn Disathairne. Bhoineadh e do Cardiff, agus bha e ag obair na phoidhleat a-mach à Port-adhair Dhùn Èideann. Thuirt na poilis gu bheil fear a tha 23 fo chasaid.

Glaschu

Chaidh dithis dhaoine a chur an greim co-cheangailte ris mar a chaidh nighean, 14, èigneachadh air bus ann an Glaschu. Thachair an ionnsaigh ann an sgìre Pollok oidhche Haoine an 22 den Mhàirt. Thuirt poilis gu bheil a h-uile dùil gun tèid dithis dhaoine, a tha 22 le chèile, mu choinneamh na cùirte ann an Glaschu an-diugh.

HI-Arts

Dh'innis a' bhuidheann ealain HI-Arts gu bheil iad a' cur a-h-uile duine a tha ag obair dhaibh às an dreuchdan. Tha deichnear - eadar luchd-obrach pàirt-ùine agus làn-uine - ag obair dhan bhuidhinn, a bhios a' brosnachadh nan ealan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Thuirt bòrd-stiùiridh HI-Arts gum feum iad cruth na buidhne atharrachadh ro dheireadh an Òg-Mhìos.

Tuath-gaoithe

Bidh buill Comhairle na Gàidhealtachd a' bruidhinn an-diugh air cead-dealbhachaidh airson plana airson tuath-gaoithe, le còrr is ceithir fichead crann, anns a' Mhonadh Liath, deas air Cille Chuimein. Tha comhairlichean a' dol a choimhead air an làraich anns a' mhadainn an-diugh agus an uairsin bidh iad a' bhòtadh feasgar aig comataidh dealbhachaidh a' chinn a deas.

Sreapadair

Chaidh sgiobannan-teasairginn a-mach an-diugh a-rithist a choimhead airson fear à Fìobha a chaidh air chall air Blà Bheinn anns a' Chuilthionn. Cha do thill Oliver Mac a' Ghobhainn, a tha 33, nuair a bha dùil ris Disathairne.