Fear a thuit tro dheigh ga shireadh

Loch Luirge Image copyright Lis Burke/Geograph
Image caption Thuirt an luchd-teasairginn gun robh cuid mhath den loch fo dheigh.

Leanaidh iomairt an-diugh feuch lorg fhaighinn air fireannach a thuit tro dheigh air loch ann an Siorrachd Pheairt is Chinn Rois.

Chaidh seirbheisean èiginn, dà heileacoptair agus bàta nam measg, a ghairm gu Loch Luirge, faisg air Clachan na Claise, goirid ro 3:00f Diluain.

Chaidh an iomairt a chur dheth aig meadhan-oidhche, ach cumaidh dàibhearan orra a' sgrùdadh tron là Dimàirt.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun robh na criubhaichean aca air a bhith ag obair ann am fuachd reothte fad grunn uairean de thìde.

Thuirt labhraiche dhan t-seirbheis gun tàinig orra coiseachd chun an locha, a tha beagan astair bhon rathad, a' dìreadh droma sa bheil 150tr de dh'àirde, le uidheamachd nan cois.