Falaisgear mòr faisg air a' Ghearasdan

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Andrew MacLeod
fo-thiotal an deilbhBha criubhaichean smàlaidh an làthair feadh a' chuid mhòir den oidhche.

Tha luchd-smalaidh a' cumail suil gheur air falaisgear beagan tuath air a' Ghearsadan.

Tha an teine, a thòisich Diluain, a' losgadh thairis air trì mìle eadar a' Chorpaich agus Banbhaidh.

Thuirt Seirbheis-Smalaidh na h-Alba gun robh ochd carabadan agus criubhaichean aca aig an làraich feadh a' chuid mhòir den oidhche, ach gu bheil iad a-nis air sin a lùghdachadh gu dhà charbad.

Thathas a' tuigsinn nach eil togalaichean sam bith ann an cunnart aig an ìre seo, agus nach deach iarraidh air duine sam bith an dachannan fhàgail.

"'S ann tron fheurach agus coille a tha an teine air sgapadh, ri taobh rathad a' B8004, beagan tuath air a' Ghearasdan," thuirt manaidsear na seirbheis anns a' cheann a Tuath, Anthony Gardiner.

"Tha sinn ag obair còmhla ri Coimisean na Coilltearachd, feuch an t-eòlas a th' acasan air an sgìre, a tha dùbhlannach, fhaighinn," thuirt e.

Chan ann an Loch Abar a-mhàin a tha an trioblaid, 's an t-sìde thioram a' ciallachadh gun deach criubhaichean a ghairm gu 30 teintean air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh