Teagamh mu chàbal mòr dealain a' Chuain Sgìth

Tuath Gaoithe
Image caption Tha an càbal cudthromach son leasachadh cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan

Tha teagamh as ùr ann mun phròiseict son càbal mòr dealain eadar na h-Eileanan Iar agus tìr-mòr agus a' chompanaidh SHE Transmission, meur de Scottish and Southern Energy, a' togail cheistean mu chosgais agus iarrtas airson an sgeama.

Thuirt SHE Transmission, a bha roimhe aithnichte mar SHETL, ann an litir gu riaghladair a' chumhachd, Ofgem, nach eil dearbhadh idir ann gum bi iarrtas gu leòr ann airson a' chàbail.

A rèir na litreach tha na cosgaisean a thèid air companaidhean airson an cabal a chleachdadh - rud ris nach eil gnothach aca-san - ag adhbhrachadh mì-chinnt cuideachd.

A bharrachd air sin, tha dragh ann mun ùine a tha air fhàgail son seo a thoirt gu buil.

Cosgaisean àrda

Bha SHE Transmission a' freagairt cheist a chur Ofgem orra bho chionn cealla-deug agus iad-san ag iarraidh clàr-ama soilleir son a' phròiseict a thoirt gu buil.

Anns an litir a chur SHE Transmission gu Ofgem, thuirt iad nach eil na companaidhean a tha an dòchas dealan a chruthachadh sna h-eileanan air a thighinn air adhart agus gealltanas airgid a chur mu choinneamh na pròiseict, mar a chaidh iarraidh orra.

Thuirt SHE Transmission gur e an t-adhbhar airson sin ach na cosgaisean-giùlain àrda a bhios a' dol air na companaidhean airson an càbal a chleachdadh bho latha gu latha.

Chan eil gnothach aig SHE Transmission ris na cosgaisean-giùlain.

Tha sin an urra ri Ofgem, an Grìod Nàiseanta agus an riaghaltas.

Mì-chinnt

Tha SHE Transmission ag ràdh leis nach eil na companaidhean air tighinn air adhart nach eil càil a chinnt aca-san am bi iarrtas gu leòr ann son a' chàbail.

A rèir SHE Transmission tha iad fhathast ag obair gu dìcheallach agus a' bruidhinn ris na companaidhean anns na h-eileanan.

Thuirt iad cuideachd nach eil iad airson cùl a chuir ris a' phròiseict leis gu bheil iad air £5m a chur ris a' phròiseict mu thràth.

Thathas a' meas gun cosg an sgeama £700m uile gu lèir.

Cugallach

Tha BBC Naidheachdan a' tuigse gu feum gnothaichean gluasad gu math luath neo bi cùisean a' coimhead gu math cugallach dhan chàbal.

Fhuair SHE Transmission companaidh a nì an obair dhaibh, ach chan eil cinnt gun tèid iad air adhart leis.

Thug a' chompanaidh seo ceann-latha de a' chiad latha dhan Iuchar dhaibh son a h-uile càil a thoirt gu ìre mus tionndaidh iad an aire gu pròiseictean eile a tha san amharc aca.

Chan eil seo a' ciallachadh gun tèid dìochuimhneachadh mun phròiseict gu tur ach gum bi dàil mhòr ann.

Ma thachras sin, tha eagal air cuid nach tèid an càbal a chur an sàs idir.

Dòchas

Tha boillsgeadh dòchais ann ge-ta.

Tha buidheann eile, anns a bheil riaghaltasan Westminster agus na h-Alba agus comhairlean na Gàidhealtachd snan Eilean, an-dràsta a' sgrùdadh nan cosgaisean-giùlain.

Bu chòir toradh an rannsachaidh seo nochdadh an t-seachdainn-sa.

Thuirt SHE Transmission gum bi na molaidhean seo fìor chudthromach ann a bhith a' deàrbhadh dè a thachras leis a' chàbal.

Iongnadh

Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu Ofgem 's iad gu math feargach mu na thuirt SHE Transmission.

A rèir an ùghdarrais ionadail tha dàil an dèidh dàil air bhith sa phròiseict son greis.

Ghabh iad iongnadh mu na freagairtean a bh' aig SHE Transmission sa litir gu Ofgem leis gu bheil na companaidhean sna h-eileanan air a dhèanamh soilleir gu bheil iad taiceal agus an urra ris a' chàbal.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil suas ri 50 megawatt de phròiseictean a' feitheamh ris a' chàbal a dhol air adhart.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil dol a-mach na companaidh air uimhir a mhì-chinnt adhbhrachadh agus nach eil dòigh air a chur ceart.

Dh'iarr e gun toireadh an riaghladair agus an riaghaltas air SHE Transmission an càbal a chur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile