Neo-eisimeileachd Eileanach?

Sealtainn Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Sealtainn a' faighinn airgid bho chompanaidhean ola airson gach baraille a bheir iad a-mach às na h-uisgeachan faisg orra.

Tha an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba a' piobrachadh cheistean cuideachd mu inbhe sgìrean eileanach na h-Alba.

Tha BPA Shealtainn, an Lib-Deamach Tavish Scott, ag ràdh gum bu chòir co-dhiù cuid de na sgìrean eileanach ìre de shaoirse fhaighinn bho Alba agus iad 's dòcha, mar a tha Eilean Mhanainn, a bhith an urra ris a' Chrùn ann am Breatainn.

Tha a' cheist air èirigh taobh a-staigh Comhairle nan Eilean Siar, agus tha Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gu bheil iad gun teagamh a' coimhead ri tuilleadh smachd air cuid de rudan.

"Chan eil teagamh nach eil sinne ag iarraidh barrachd smachd a bhith againn air leithid an oirthir bho Oighreachd a' Chrùin 's mar sin air adhart," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha sinne air a bhith ag argamaid airson sin airson iomadh bliadhna, agus chan eil teagamh ann nach eil sinne airson gun tèid cumhachdan ùghdarrasan ionadail a leudachadh a-mach.

"Agus tha sinn airson tuigse a bhith againn dè dìreach mar a bhios sin ma 's e 's gum bi neo-eisimeileachd ann an Alba.

"Chan eil ola no gas gu ìre mhòir sam bith a' toirt buaidh air a' chùis anns na h-Eileanan an Iar, ach gun teagamh tha cothroman sònraichte ann mar a tha sinne air a bhith ag ràdh o chionn iomadach bliadhna a thaobh chumhachd ath-nuadhachail - ma 's e 's gum faigh sinn ceangal eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr.

"Saoilidh mi gun urrainn dhuinn a' cheart uidhir de bhuannachd fhaighinn a-mach às sin 's a th' aig Sealtainn às an ola 's an gas.

"Tha Sealtainn fhèin a-nise a' coimhead ri cumhachd ath-nuadhachail," thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd nach eil na h-Eileanan Siar air coimhead gu ìre mhòir sam bith ris a' bheachd gum biodh inbhe coltach ris na th' aig Eilean Mhanainn fon Chrùin, mar a tha Mgr Scott a' moladh airson Sealtainn.

Ach tha e ag ràdh gu bheil na ceistean gus èirigh ri linn an deasbaid a thaobh neo-eisimeileachd, co-dhiù thig i.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil Riaghaltas n a-Alba deònach coimhead ris a' ghnothach airson sgìrean eileanach.

Tha ceist air ge-tà, mu na tha Mgr Scott a' ciallachadh.

"Tha e doirbh a thuigsinn dè tha e ag ràdh, air sgàth, air an aon làimh tha e ag ràdh gu bheil e an aghaidh ceartas Alba a bhith a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd, no bha e an aghaidh an Referendum eadhon," thuirt Mgr Allan.

"Ach air an làimh eile, tha e ag ràdh gu bheil ceartas aig àiteachan eile an aon seòrsa rud a dhèanamh.

"Thuirt mi roimhe, gu bheil mi a' creidsinn gu bheil e ceart gum biodh barrachd smachd aig na h-Eileanan, agus tha mi cinnteach gum bi an deasbad sin a' fàs.

"Ach bidh sin a' tachairt le neo-eisimeileachd airson Alba, agus bidh sin a' tachairt le daoine a' bhòtadh air a shon.

"Tha e ceart gu bheil sinn a' bruidhinn mu dheidhinn sin, ach cha bhi dad a' tachairt gun cumhachd aig Alba airson a thoirt seachad do na h-Eileanan sa chiad dol-a-mach," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile