Iomain an deireadh-sheachdain

Caman
Image caption Tha clàr-ama trang ann 'son iomain an deireadh-sheachdain.

Bidh Ceann a' Ghiuthsaich ag amas air fuireach aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain Disathairne, a dh'aindeoin is gu bheil am manaidsear ag ràdh nach eil iad a' sùileachadh idir gum buannaich iad an tiotal.

Tha sgioba Russell Jones air an dà gheama aca thuige seo a bhuannachadh agus an sgioba òg aca a' sealltainn gu bheil dòchas gu leòr ann 'son nam bliadhnaichean ri tighinn, fiù 's às aonais Raghnaill Rois.

"Chan eil sinne ag amas air an tiotal," thuirt Jones.

"Tha sinn a' gabhail gach geama mar a thig e, is ged a bhuannaich sin an dà gheama againn, dh'fhaodadh iad a bhith air a dhol taobh seach taobh," thuirt e.

Thig Camanachd an Òbain a thadhail air an Dell Disathairne is iad a' lorg phuingean 'son an toirt far bhonn na lìge.

Doirbh

Chaill iad 3-1 ann an Taigh na Bruaich ann an geama doirbh air a' chiad là den t-seusan ach 's e buille a bh' ann dhaibh an uair sin gun do chaill iad 4-2 an aghaidh Inbhir Aora aig an taigh.

Feumaidh sgioba an Òbain puingean fhaighinn cho luath 's a ghabhas ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tha Caol Bhòid air toiseach-tòiseachaidh làidir a dhèanamh is ceithir puingean aca às dèidh dà gheama.

Cuiridh iad fàilte air a' Ghearasdan Disathairne agus le sgioba òg Bhictor Mhic a' Ghobhainn is Àdhaimh Robasdain fhathast ag ionnsachadh, bu chòir gum fuirich na puingean ann an Taigh na Bruaich.

'S iad Inbhir Aora an aon sgioba eile aig a bheil ceithir puingean - rud ris nach robh iad an dùil - is bidh iad ag amas air buaidh eile nuair a chluicheas iad an aghaidh Lòbhait Disathairne.

Neartachadh

Tha na bràithrean Mac a' Phearsain, Graeme is Garry, air an sgioba aca a neartachadh ron gheama sin is Peadar Mac an t-Saoir air gluasad gu Inbhir Aora à Cill Mhàillidh.

Tha Lòbhat air toiseach-tòiseachadh an ìre mhath a dhèanamh is thug iad geama doirbh eile do Bhail' Ùr an t-Slèibh an t-seachdain seo chaidh, geama a chrìochnaich 2-2.

Bidh iad a-nise ag amas air dà phuing a thogail son a' chiad uair air an t-seusan seo.

Bidh Bail' Ùr an t-Slèibh iad fhèin aig an taigh Disathairne is Loch Abar a' tighinn a' chèilidh orra.

Chan ann tric a chaileas am Bàil' Ùr aig an Eilean is 's e dùbhlan mòr a bhios annta do Loch Abar.

Faisg

Chan eil sgioba Drochaid an Aonachain air tadhal a chur fhathast bho thill iad dhan Phrìomh Lìog ach 's e dà gheama faisg a bh' aca .

Gheibh iad spionnadh an t-seachdain seo cuideachd le Lachlan Caimbeul is Hughie Innes a' tilleadh dhan sgioba.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog cuiridh Ceann Loch Seile fàilte air Gleann Urchadain is an dà sgioba ag amas air geama a bhuannachadh 'son a' chiad uair am-bliadhna.

Cha b'urrainn dhan Ghleann a bhith air toiseach-tòiseachaidh mòran na bu dhuilghe fhaighinn na Bail' Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid ach bha iad mì-fhortanach san dà gheama, a' call 3-2 is 1-0.

'S iongantach nach e geama glè fhaisg a bhios ann a-rithist sa Chlachan Aillseach Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile