Fear ga chur an grèim airson Gaeilge a bhruidhinn

Gardaí Image copyright PA
Image caption Tha còir laghail aig saoranaich na h-Èireann Gaeilge a bhruidhinn ris na Gardaí.

Chaidh fireannach a chur an grèim ann am Baile Átha Claith airson Gaeilge a bhruidhinn ri Gardaí.

Thathas a' tuigsinn gun deach an duine a stad leis na Gardaí (na Poilis) co-cheangailte ri gnothach trafaige.

Chaidh a chur an grèim, le glasan-làimhe air, agus a thoirt gu stèisean poilis gus an deach Garda a bha comasach air bruidhinn ris sa chànan a lorg.

Cha robh an duine air a bhith an sàs ann an tubaist, agus cha deach fhàgail air gun robh e fo bhuaidh na dibhe aig an àm.

An Coimisinéir Teanga

Fo bhun-reachd Poblachd na h-Èireann, tha còir aig gach sìobhaltach gnothaichean a làimhseachadh le buidhinn san roinn phoblaich tro mheadhan na Gaeilge no na Beurla.

Ann an rannschadh an rinn An Coimisinéir Teanga - a tha an urra ri cleachdadh na Gaeilge san roinn phoblaich - o chionn ghoirid, fhuaireadh gun robh beachd aig na Gardaí gun gabhadh dèiligeadh ri luchd na Gaeilge mar choigrich, a dh'aindeoin inbhe a' chànain ann am bun-reachd na dùthcha.

Sa chùis seo, fhuair an Coimisinéir, Seán Ó Cuirreáin, gun do dh'fhailich air na Gardaí a thaobh an dleastanais reachdail a th' aca a tha ag aithneachadh còir a' phobaill a bhith a' conaltradh ris na poilis anns a' Ghaeilge no sa Bheurla - dà chànan oifigeil na Stàite.

Tha na Gardaí air innse, air dhaibh aithisg a' Choimisinéir - air a bheil "Cha b'e sàr-bhliadhna a bh' ann an 2012" - fhaighinn, gun deach atharrachaidhean a chur an sàs feuch nach tachair an leithid a-rithist.

Am measg eile, gheibh Gardaí càirt le abairtean cumanta Gaeilge air am biodh feum aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile