Geòidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceadan marbhaidh ghèadh "ro shlaodach"

13 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha croitear ann an Leòdhas mì-thoilichte mun ùine a tha e a' toirt cead fhaighinn losgadh air geòidh.

Thuirt Ailig Dòmhnallach nach d'fhuair e freagairt fhathast an dèidh dha cead iarraidh air Dualchas Nàdair na h-Alba air a' mhìos seo chaidh.

Tha e ag ràdh gu bheil na geòidh a' dèanamh sgrios air a' chroit aige ann an Garrabost.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.