Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Lib-Deamaich

Tha na Libearalaich Dheamocratach a' cruinneachadh ann am Brighton aig co-labhairt an Earraich, agus an Ceann-suidhe Tim Farron ag ràdh gu bheil a phàrtaidh ann an èiginn gun chinnt sam bith an seas iad ris. Tha ceistean mu choinneimh cheannardan Lib-Deamach mu dè dìreach a b'aithne dhaibh mu aithrisean air drabastachd an aghaidh a' Mhorair Rennard, a bha na Àrd-oifigear air na Lib-Deamaich, agus mu chùis Chris Huhne, agus a' bhean a bh' aige, Vicky Pryce, a fhuaireadh ciontach mu bhacadh air ceartas.

Coirea a Tuath

Thuirt Coirea a Tuath gu bheil iad a' cur às dhan a h-uile aonta sìthe le Coirea a Deas mar fhreagairt dha na smachd-bhannan ùra a tha na Stàitean Aonaichte a' cur orra. Chuir Aimeireaga tuilleadh pheanasan an sàs bho chionn ghoirid an dèidh do Choirea a Tuath an treas deuchainn niuclasach a dhèanamh. Thuirt Coirea a Tuath gum bi iad a' cur às cuideachd bho Dhiluain dhan aonta a chuir stad air Cogadh Choirea.

Hugo Chavez

Thèid dust Chinn-suidhe Venezuela, Hugo Chavez, a ghlèidheadh agus a thaisbeanadh ann an cèis ghlainne aig taigh-tasgaidh an Airm anns a' phrìomh bhaile Caracas. Thèid dust Mhgr Chavez fhàgail na laighe gu poblach airson seachdain eile, ged a tha seirbheis tiodhlacaidh ann an-diugh.

Dì-chroitearachd

Thuirt Coimisean na Croitearachd gum feum casg a chumail an-dràsta bho bhith a' reic fearainn air feadhainn a tha a' fuireach air croitean a bhuinneas dhaibh "owner occupier" mar a th' aca orra. Thuirt an Coimisean gu bheil comhairle laghail a' dearbhadh dhaibhsan nach eil an lagh an-dràsta a' toirt cead do shealbhadair croite fearann a thoirt a-mach à croitearachd airson taigh a thogail no leasachadh sam bith eile. Thuirt an Coimisean gu bheil iad a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh, agus dh'iarr iad air duine sam bith dha bheil an suidheachadh sin a' dèanamh duilgheadas comhairle laghail neo-eisimeileach fhaighinn.

Muile

Tha buaireadh ann am Muile mu sgeama riaghaltais airson brosnachadh a thoirt air eaconamaidh an eilein. Tha feadhainn de mhuinntir Mhuile gu mòr an aghaidh na sgeama, agus chum iadsan coinneamh phoblach an t-seachdain seo chaidh. Tha na buidhnean a th' air cùlaibh na sgeama a' coinneachadh a-nochd.

Ionad Eastgate

Chaidh an t-ionad bhùthainnean as motha air a' Ghàidhealtachd, Eastgate ann an Inbhir Nis a reic mar phàirt de bhargan anns a bheil luach £250m. Tha a' bhuidheann F&C REIT air Eastgate a cheannach bhon chompanaidh Grosvenor còmhla ri dà ionad eile ann an Sasainn, ann am Burton on Trent, agus Grimsby.