Sgrùdadh air buannachd liosan do shlàinte-inntinn

Seada Image copyright Reuters
Image caption Tha iarrtas air liosan ag èirigh air Ghàidhealtachd.

Thèid iarraidh air daoine a ghabhas gabhaltas air lios air Ghàidhealtachd pàirt a ghabhail ann an rannsachadh feuch dè a' bhuannachd a gheibh an slàinte-inntinn bho bhith ri gàirnealaireachd.

Cleachdaidh Comhairle na Gàidhealtachd siostam tomhais a chaidh ullachadh airson NHS Slàinte Alba, ris an canar Clàr Fallainneachd Inntinne Warwick-Dùn Èideann.

Tha ceistean leithid "a bheil thu a' faireachdainn gu bheil thu gu feum agus air do ghràdhachadh?" nam pàirt den t-siostam.

Chaidh liosan ùra a chruthachadh an-uiridh ann an Cromba, Inbhir Narrann agus Ulapul.

Chaidh liosan a chruthachadh às ùr ann an Inbhir Nis ann an 2011, agus chaidh làraichean ùra eile a chomharrachadh ann an Inbhir Ghòrdain, Ceann a' Ghiuthsaich, Port Rìgh agus Inbhir Ùige.

Tha 26 pròiseactan gàirnealaireachd coimhearsnachd air Ghàidhealtachd, a rèir Caidreachas nan Tuathanasan-baile agus Gàraidhean Coimhearsnachd.

Ann an aithisg do Chomhairlichean, dh'innis oifiigich na Comhairle gun tèid iarraidh air gàirnealairean ùra an rannsachadh a dhèanamh mus gabh iad an gabhaltas, agus às cuideachd às dèidh dhaibh sin a dhèanamh.

Thèid beachdachadh air an aithisg, a tha ga h-ullachadh gach bliadhna air poileasaidh liosan na Comhairle, aig coinneamh Comataidh an Dealbhachaidh, na h-Àrainneachd agus an Leasachaidh an ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile