Ionad bhùithtean an Eastgate air a reic

Ionad bhùithtean an Eastgate Image copyright Kenneth Allen/Geograph
Image caption Thogadh an t-ionad o chionn 30 bliadhna.

Gheall a' chompanaidh F&C REIT obrachadh gu dlùth còmhla ris a' choimhearsnachd feuch am bi ionad bhùithtean an Eastgate a' coileanadh fheumalachdan luchd-ceannaich san àm ri teachd.

Tha e air tighinn am bàrr gun do cheannaich a' chompanaidh an t-ionad bhon chompanaidh in-ionmhais Grosvenor air prìs £250m an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh an t-ionad a thogail o chionn 30 bliadhna, agus tha a-nis deich bliadhna bho chaidh an dàrna pàirt dheth fhosgladh.

B' e a' bhuidhinn Royal and Sun Alliance a thog an t-ionad an toiseach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile