Iarrtas Pàirce Nàiseanta a leudachadh

Casan ramalair
Image caption Tha dragh mu leasachaidhean tuath-gaoithe a tha san amharc anns a' Mhonadh Liath.

Tha Ramalairean na h-Alba ag iarraidh gun deadh crìochan Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a leudachadh chun an Iar air eagal 's gun tèid cuid de na sgìrean as bòidhche anns a' Mhonadh Liath a sgrios le tuathan-gaoithe.

Bha iad a' bruidhinn an dèidh do dh'Urras Iain Muir iarraidh Diciadain gun deadh comharra-àrainneachd ùr "Fiadh-àiteachan" a chruthachadh airson tuathan-gaoithe a chasg.

Tha na Ramalairean ag ràdh gun toireadh sin ro fhada.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil riaghailtean dealbhachaidh ann mar thà airson na sgìrean seo a dhìon.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile