Uairean-fosglaidh gan gearradh

Stèisean Poilis Steòrnabhaigh
Image caption Bidh stèisean Steòrnabhaigh am measg an fheadhainn a dhùineas tron oidhche.

Chan fhada gus am bi stèiseanan poilis ann an còig bailtean, a th' air am frithealadh le Poilis a' Chinn a Tuath, a' dùnadh air feadh na h-oidhche.

An-dràsta faodaidh daoine coiseachd a-steach gu stèiseanan poilis Steòrnabhaigh, a' Ghearasdain, Inbhir Pheofharain, Lèiruig agus Inbhir Ùige a là 's a dh'oidhche, ach thèid na h-uairean fosglaidh aca a ghearradh bho thoiseach na h-ath-mhìos.

Cha bhi na stèiseanan an uair sin fosgailte ach bho 08:00m gu 8:00f.

Tha na h-atharrachaidhean gan cur an sàs 's feachd phoileas nàiseanta na h-Alba gu bhith air a stèidheachadh air 1mh an Giblean.

Ìre na seirbheis

Thuirt Commandair Sgìreil Phoilis a' Chinn a Tuath, An t-Àrd-Shuperintendent Julian Innes, nach toir an t-atharrachadh buaidh mhòr sam bith air an t-seirbheis a gheibh coimhearsnachdan.

Bidh iad ag iarraidh air daoine le gearan nach eil èiginneach brath a chur thuca tro uairean obrach àbhaisteach, thuirt e, agus faodaidh daoine fhathast fònadh thuca air an oidhche ma tha cuideachadh a dhìth.

Thèid na h-uairean fosglaidh aig stèiseanan Alanais, Phort Rìgh agus Inbhir Theòrsa cuideachd a ghearradh beagan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile