Maoineachadh Crannchuir do phròiseactan Eileanach
- Air fhoillseachadh

Chan eil ach an aon bhùth ann an Diùra, agus chuireadh air a' mhargaidh i an-uiridh.
Gheibh dà phròiseact anns na h-Eileanan maoineachadh bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.
Cuiriadh an Stòras £653,225 ri pròiseact Urras Leasachaidh Eilein Dhiùra, a tha ag amas air bùth an eilein, le oifis a' phuist na cois, a cheannach 's ath-leasachadh.
Chaidh a' bhùth, ann an Taigh na Creige, a chur air a' mhargaidh an-uiridh.
Gheibh cuideachd Co-chomunn na Pàirce anns na Lochan an Leòdhas £234,680 airson pumpa-peatroil 24 uair san là fhosgladh aig Rubha an Fhithich ann an Ceirsiadair.
Chan eil pumpa an-dràsta nas fhaisge air an sgìre na 20 mìle.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh