"Bu chòir an Achd atharrachadh" a rèir fhir-lagha

Faing
Image caption Chuir an Coimisean casg air dì-chroitearachd le sealbhadairean-croite, ri linn mearachd ann am briathran na h-Achd.

Thuirt fear-lagha bhon Ghàidhealtachd gum bu chòir Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd a bhith air atharrachadh.

Bha Calum MacLeòid a' bruidhinn agus Coimisean na Croitearachd air casg a chur air daoine a th' air an croitean a cheannach bho bhith a' toirt talamh a-mach à croitearachd, air sgath comhairle laghail a fhuair iad.

"Nuair a Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd a' dol tron Phàrlamaid, rinn iad bùrach mòr dheth," thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha trioblaidean eile leis an Achd cuideachd, agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir don Phàrlamaid coimhead air an Achd a-rithist agus atharrachaidhean a dhèanamh.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil Coimisean na Croitearachd a' dol a bhith a' beachdachadh air seo a-rithist.

"Ach an-dràsta tha iad ag ràdh nach eil cumhachd laghail aca a bhith a' dèanamh dì-chroitearachd airson sealbhadairean-croite, agus mar sin chan urrainn do Choimisean na Croitearachd càil a dhèanamh. Tha e an-urra ris a' Phàrlamaid a-nis," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' sgrùdadh a' chuspair agus gun tig fios bhuapa cho luath sa ghabhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile