Taigh-smocaidh ga cheannach leis a' choimhearsnachd

Feòil smocte Image copyright AP
Image caption Bha an taigh-smocaidh a' reic an dà chuid feòil agus iasg smocte roimhe.

Ceannaichidh coimhearsnachd Aichillidh Bhuidhe anns a' Chòigich taigh-smocaidh na sgìre le cuideachadh bho thaic-airgid luach £160,700 bho Stòras Fearann na h-Alba.

'S ann an làmhan a' phobaill a bha an taigh-smocaidh mus do cho-dhùin Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a reic ri companaidh phrìobhaidich air £50,000 + VAT.

Chuir a' chompanaidh Summer Isles Foods an t-ionad air a' mhargaidh air £120,000.

Tha Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich ag ullachadh airson a cheannach air £110,000 leis an tabhartas bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Comhghall

Thèid am maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, le cuibhreann bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta, cuideachd mu choinneimh oifigear pròiseict fhastadh airson dà bhliadhna.

Tha dùil gun toir e mìosan fhathast ge-tà, mus tèid a' mhalairt a chrìochnachadh.

Tha a' chompanaidh an dùil a dhèanamh na "àite sùbailte", far am bi gnothaichean a thaobh a' bhìdhe, agus a thaobh na turasachd stèidhichte.

"O chionn bliadhna, chuala sinn gun robh an tarraing turasachd agus am fastaiche as motha a th' againn, Summer Isle Foods, a' falbh a dh'Alanais, agus leis na h-uidhir sin de dh'obraichean a' falbh, bha coltas dubhach air gnothaichean," thuirt Cathraiche na companaidh coimhearsnachd, Iain Muir.

"A-nise, leis a' mhaoineachadh seo, faodaidh sinn gluasad air adhart gus an taigh-smocaidh a dh'fhàg iad a ghabhail thairis.

"'S e àm gu math brosnachail a th' ann dhuinn, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' stèidheachadh gnìomhachais ùir bheothail gus cosnaidhean a chruthachadh don choimhearsnachd," thuirt e.

A thuilleadh air an taigh-smocaidh, tha coimhearsnachdan anns na Crìochan agus taobh sear na Gàidhealtachd a' faighinn cnap den airgid, luach £750,000 uile gu lèir.

Tha coimhearsnachd ann an Comhghall cuideachd a' faighinn earainn dheth.

Tha Urras Leasachaidh Chaol an t-Snàimh agus Ghlinn Dà Ruadhail gus coille san sgìre a cheannach, 's dùil aca a leasachadh mar ghnothachas fiodh-connaidh, agus gun cruthaich iad croitean coille cuideachd.