Uard dùinte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha na h-ùghdarrasan ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis air uard a dhùnadh, is deichnear euslainteach air fàs tinn leis a' flu.

Thathas ag iarraidh air càirdean nan esulainteach ann an Uard 5A fuireach air falbh, ma tha iad fhèin a' faireachdainn gu bheil am flu orra.

Chan eil fios aig an ìre seo cuin a bhios an uard a' fosgladh as ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile