Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Oscar Pistorius

Thuirt luchd-casaid ann an Afraga a Deas nach eil iad a' gabhail ris na tha an lùth-chleasaiche Oscar Pistorius ag ràdh, gun robh e den bheachd gur e mèirleach a bha na leanann, nuair a loisg e oirre air Là Naoimh Bhalanitìn. Tha an lùth-chleasaiche para-liompaigeach a' dol às àicheadh gun do mhuirt e i, agus e airson 's gun tèid a shaoradh air urras. Aig a' cheart àm tha an tiodhlacadh aig Reeva Steenkamp a' dol air adhart ann am Port Ealasaid an-diugh.

Thailand

Chaidh boireannach Albannach èigneachadh le buidhinn de dh'fhireannaich ann an ceann a deas Thailand. Bha am boireannach, a tha 20, agus bhon Ghàidhealtachd, air cluba-oidhche fhàgail oidhche Shathairn, nuair a chaidh aithris gun do dh'fhalbh ceathrar fhireannach leatha ann am bhana. Cha robh i air a bhith anns an dùthaich ach cola-deug, agus i a' sireadh obair-teagaisg Beurla.

Prìs a' Chumhachd

Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air rabhadh a thoirt seachad, gum faodadh gun èirich prìs an dealain agus a' ghas anns an àm ri teachd, leis gum feum sinn gas a cheannach bho thall-thairis. Air thoiseach air òraid ann an Lunnainn an-diugh, thuirt ceannard na buidhne, Alasdair Bochannan, nach eil sinn a' cruthachadh gu leòr de chumhachd 's a bha sinn aig aon àm leis gu bheil stèiseanan cumhachd a' fàs sean agus iad a' dùnadh.

Bàtaichean-slaodaidh

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar air tagradh a dhèanamh airson barrachd bhàtaichean-slaodaidh air taobh siar na h-Alba airson dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas Westminster gun deach aonta a ruighinn le gnìomhachas na h-ola airson bàta-slaodaidh a bharrachd a chur a dh'Arcaibh. Thuirt Aonghas Caimbeul gu bheil e a' dèanamh dragh dha gum faodadh tubaist a bhith ann air a' chosta an iar, 's e airson 's gum bi bàta-slaodaidh anns a' Chuan Sgìth cuideachd.

Tuath-gaoithe

Tha comhairlichean air Ghàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air planaichean SSE gus tuath-gaoithe a thogail air beanntan a' Mhonaidh Lèith. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba, Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, agus Comhairle Sreapadaireachd na h-Alba an aghaidh nam planaichean airson 83 crainn-ghaoithe a thogail faisg air Cille Chuimein. Tha aithisg na Comhairle ag moladh nach bu chòir dhaibh cur an aghaidh nam planaichean ge-tà.

Pagastan

Tha na Poilis ann am Pagastan ag ràdh gun do chuir iad 170 neach an grèim an co-cheangail ri ionnsaigh bhoma air Disathairne. Bhàsaich faisg air 90 neach anns an ionnsaigh aig margaidh ann am baile Queta ann an ceann an iar-dheas na dùthcha.

Seachnadh Chìsean

Tha cuid de Bhuill-Phàrlamaid Westminster airson 's gun tèid feadhainn a dh'fheuchas ri cìsean a sheachnadh ainmeachadh gu poblach. Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach air tomhais gum bi Breatainn a' call mu £5bn gach bliadhna ri linn.