Piseach air glainead san Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig Mhòir Image copyright bbc
Image caption Rinn aithisg bhon Ògmhios an-uiridh càineadh air glainead san ospadal.

Tha Ospadal an Ràthaig Mhòir a' coileanadh a' chuid as motha de na targaidean a th' ann a thaobh smachd a chumail air galairean, a rèir aithisg ùire.

Thadhail Buidheann-sgùdaidh Àrainneachd a' Chùraim Shlàinte (HEI) air an ospadal gun fhiosta san t-Samhain airson glainead nan uardan a thomhas às dèidh dhaibh tadhail air san Ògmhios.

Fhuaireadh san Ògmhios gun robh inbhe a' ghlaineid truagh.

Ach tha aithisg ùr na buidhne-sgrùdaidh ag ràdh gun tàinig piseach mòr air glainead aig an ospadal.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air uard na cloinne, aonad na h-àrd-eisimeileachd lannsa, uard 2C oncology, uard 3B cluas, sròin agus amhaich, uard 4C lannsa, uard 6A measadh meidigeach agus uard 7C renal/gastrointestinal.

Thuirt HEI gun robh a' mhòr-chuid de na h-inbhean a th' air an aontachadh gu nàiseanta gan coileanadh san ospadal.

Dh'òrdaich a' bhuidheann ge-tà, gun dèan NHS na Gàidhealtachd cinnteach gun lean luchd-obrach pròiseasan a taobh taomadain peripheral vascular agus central venous a chumail ann an òrdugh agus a chlàradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile