BBC Naidheachdan

Tubaist mhairbhteach air an A82

Published
Chaidh fear-baidhseagail a mharbhadh ann an tubaist air an A 82 faisg air Inbhir Nis feasgar Dimàirt.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm dhan Damhach Dearg (Lochend) aig ceann Loch Nis mu 3:00f Dimàirt às dèidh tubaiste eadar fear air baidhseagal agus càr Honda.
A dh'aindeoin oidhirp cobhair, chaochaill am fear-baidhseagail, aig làrach na tubaiste.
Chaidh ainmeachadh mar Alasdair MacBheathain, 74, à Dail an Eich ann an Inbhir Nis.
Dh'iarr Poilis a' Chinn a Tuath air duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist fios a chur thuca.
Bha an A82 dùinte gach taobh còrr is trì uairean de thìde às dèidh na tubaiste.