BBC Naidheachdan

Limond a’ togail tiotail eile

Published
image copyrightSNS
image captionWillie Limond
Chuir an rèitire stad air an t-sabaid eadar Limond agus Eddie Doyle as dèidh 116 diogan.
Chaidh Doyle a leagail dà thuras sa chiad chuairt, is ged a dh'èirich e gu a chasan às dèidh gach buille chuir an rèitire stad air t-sabaid as dèidh do Doyle a bhith air a' chanbhas an dàrna uair.
Tha Limond air gluasad suas bho lightweight gu light-welterweight, agus dh'innis e gu bheil e tòrr nas comfhurtaile aig cuideam nas troime.
"Bha mòran dhaoine a' smaoineachadh gun robh mi deiseil agus 's fhurasta a thuigsinn carson a bha iad a' smaoineachadh sin."
Bha coltas cumhachdach air Limond is bha e a' feuchainn ri Doyle a leagail cho tràth 's a b' urrainn dha.
"Bha mi ag amas air buillean làidir fheuchainn bhon chiad dol-a-mach.
image copyrightSNS
image captionChuir an rèitire stad air t-sabaid sa chiad chuairt
B'e sin a' chiad uair ann an ùine mhòir a bha mi a' faireachdain comfhurtail leam fhèin."
Ghabh an t-sabaid àite aig Cluba Spòrs Naomh Anndrais, cluba a chuir an t-sabaid air dòigh airson ceann bliadhna sònraichte a chomharrachadh. An 40mh bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.
Cuideachd a' sabaid bha farpais heavyweight eadar Gary Cornish, bho Inbhir Nis agus Tamas Bajzath as An Ungair.
Rinn Cornish a chùis air puingean, an 12mh turas às dèidh a chèile a tha e air buinig.