BBC Naidheachdan

Dànach air oighreachd mhòr a cheannach air Ghàidhealtachd

Published
image copyrightGeograph/Richard Webb
image caption'S e Mgr Povlsen a-nis an dàrna uachdaran prìobhaideach as motha ann am Breatainn.
Tha fear de na daoine as beartaiche anns an Danmhairc, aig a bheil fearann air a' Ghàidhealtachd mar thà, air oighreachd eile a cheannach ann an Siorrachd Inbhir Nis.
Tha e a' ciallachadh gur e Anders Holch Povlsen a-nis an dàrna uachdaran prìobhaiteach as motha ann am Breatainn.
Cheannaich e oighreachd Ghàdhaig, deas air Ceann a Ghiùthasaich, anns a bheil timcheall air 20,000 acair.
'S ann leis mar thà a tha oighreachdan Beinn Laghail, Cheann nan Loch agus Ghleann Fèisidh.
'S ann le teaghlach Mhgr Povlsen a tha a' chompanaidh fhasain mhòr Bestseller.