Leudachadh aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha a h-uile coltas ann gun tèid leudachadh air adhart aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis far a bheil 160 duine-cloinne sa bhun-sgoil agus 100 anns an sgoil-àraich.

Tha oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh rannasachadh air leudachadh le aon bheachd gum bu chòir togalach eile a chur ri taobh na sgoile anns am biodh clann fo aois na sgoile agus a' chiad dà bhliadhna anns a' bhun-sgoil.

Tha e air faileachadh air a' Chomhairle, bho chionn còrr 's trì bliadhna, ceannard freagarrach làn-ùine le Gàidhlig fhastadh airson na sgoile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile