Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Heileacoptair

Thuirt Poilis gun deach dithis a mharbhadh, naoinear a ghoirteachadh, aon dhiubh gu dona, nuair a thuit heileacoptair faisg air Abhainn Thames ann am meadhan Lunnainn. Bhuail an heileacoptair ann an crann air mullach togalaich ann an sgìre Vauxhall mu 08:00m, agus thuit i dhan t-sràid far an deach i na teine, a' cur na h-uidhir de chàraichean nan teine. Thuirt fianaisean an toiseach gun robh iad den bheachd gur e ionnsaigh cheannairc a bh' ann, ach tha na h-ùghdarrasan air a ràdh on uair sin, nach eil dearbhadh sam bith ann air sin.

Feòil Each

Tha rannsachadh a' dol air adhart fhathast an dèidh do dh'fheòil each tighinn am follais ann am beefburgers ann am bùthainnean ann am Breatainn agus Poblachd na h-Èireann. Tha Tesco agus Iceland am measg nam bùthainnean a bha a' reic an stuth ann am Breatainn. Dh'iarr Tesco air daoine an leisgeul a ghabhail. Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Jeremy Hunt, gu bheil e gu math cinnteach nach eil cunnart ann do shlàinte dhaoine.

Pìob-ola

Chaidh siostam pìoba Brent a tha a' frithealadh air còrr is 20 raon-ola sa Chuan a Tuath a dhùnadh leis gu bheil aon chlàr-ola ag aodion. Tha an aodion aig clàr-ola Cormorant Alpha, mu 100 mìle an ear-thuath air Sealtainn. Tha dragh ann gun toir seo buaidh air prìs na h-ola.

Goireasan Aiseige

Thèid leasachadh a dhèanamh air goireasan aiseige aig Tobair Mhoire, Ceararra agus Tairbeart Loch Fìn le taic-airgid de £2.7m a dh'ainmich Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown. Tha Mgr Brown aig Comataidh Bun-structair agus Calpachais Phàrlamaid na h-Alba an-diugh, agus iad a' deasbad plana an Riaghaltais airson seirbheisean aiseige airson an ath-dheich bliadhna.

GlenIsla

Thèid 27 obair a chall sa Chorpaich an Loch Abar aig deireadh na seachdain nuair a dhùineas factaraidh giollachd mhaorach. 'S e factaraidh GlenIsla an treas gnìomhachas san sgìre a th' air sguir uile gu lèir bho thoiseach na bliadhna seo. Tha prìomh ionad aig a' chompanaidh Associated Seafoods ann am Bucaidh ann am Moireibh, agus ged a chaidh roghainn a thoirt do luchd-obrach gluasad an sin a dh'obair, chan eil e follaiseach aig an ìre seo am bi duine dhiubh a' gluasad.