BBC Naidheachdan

Factaraidh giollachd mhaorach an Loch Abar gus dùnadh

Published

Dùinidh factaraidh giollachd mhaorach anns a' Chorpaich, ann an Loch Abar aig deireadh na seachdain, a' fàgail 27 duine gun dreuchd.

'S e factaraidh GlenIsla, an treas gnìomhachas anns an sgìre a th' air sguir uile gu lèir, bho thoiseach na bliadhna.

Tha prìomh ionad aig a' chompanaidh 'Associated Seafoods' am Bucaidh, ann am Moireibh.

Chaidh roghainn a thoirt do luchd-obrach gluasad chun na sgìre a dh'obair, ach cha deach iomradh a thoirt aig an ìre seo a bheil duine aca air gabhail ri sin.

Thuirt an Comhairliche ionadail Bill Clark gur e buille air leth a th' ann don choimhearsnachd.