Moireach troimhe dhan ath chuairt

Image copyright Allsport
Image caption Andaidh Moireach

Ghlèidh am Moireach a' chiad seat gu comhfhurtail, mus tug e an dàrna seat leis ann an 26 mionaidean.

Bhuinig an t-Albannach an treas sear an uairsin gun mòran dhragh son àite fhaighinn san ath chuairt an aghaidh Joao Sousa à Portagal.

Thog Moireach a' chiad Grand Slam aige anns na Stàitean Aonaichte san t-Sultain an-uiridh. Às dèidh dha a' chùis a dhèanamh air Haase Diluain chaidh fhaighneachd dha an robh e a' faireachdain eadar-dhealaichte a' cluich is e air Grand Slam a bhuinig.

"Chan eil, bha mi a' faireachdain car an aon dòigh. Bha mi fhathast iomagaineach mus do chluich mi."

"Tha mi den bheachd gum biodh e na buannachd nam faighinn gu na h-ìrean deireanNach de Slam am bliadhna is mi a' cluich an aghaidh nam prìomh chluicheadairean.

'S ann an uairsin a tha mi a' smaoineachadh a b' urainn dhomh an t-eòlas a tha sin a chleachdadh."

Bhuinig Moireach farpais Bhrisbane mus deach e gu farpais fhosgailte Astràilia ann am Melbourne ach dh' innis e gun àbhaist a' chiad gheam ann an Slam a bhith doirbh.

"'S àbhaist dhomh a bhith iomagaineach fhad 'sa tha mi a' dèanamh deiseil son a' gheama. Feumaidh tu d' aire a chumail air na tha thu a' dèanamh is do dhìcheal a dhèanamh gun cus mhearachdan beaga a dhèanamh. Anns an dòigh sin chaidh gu math dhomh an-diugh. Tha e an còmhnaidh math faighinn tron chiad chuairt de dh' fharpais, gu h-àraid an seo. "

'S e Moireach an aon fireannach Bhreatannach a tha air fhàgail san fharpais às dèidh do Jamie Baker call an aghaidh an t-Seacaich Lukas Rosal 7-6 (7-5) 7-5 6-2