BBC Naidheachdan

Fireanach a' bhàsaich ann an Leòdhas air ainmeachadh

Published
Dh'ainmich Poilis a Chinn a Tuath gur e Dòmhnall Murchadh Dòmhnallach (48) bhon Chnoc, san Rubha, a' bhàsaich nuair a thuit e còrr is 150 troigh le creig ann an Leòdhas.
Chaidh cobhar a dhèanamh air le Maoir-chladaich Steòrnabhaigh ann an Suardal anns an Rubha feasgar Diluain, agus chaidh a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, far an do caochail e.
Bha Mgr Dòmhnallach a' trusadh chaorach nuair a thuit e.
Tha Poilis a' Chinn a Tuath a' rannsachadh na cùise agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.