BBC Naidheachdan

Atharrachaidhean aig County

Published
image copyrightSNS
Dhearbh Ross County gu bheil Ivan Sproule air ainm a chur ri cùmhnant 18 mìosan leis a' chluba.
Tha Sproule, a tha 31, a' tighinn à Hibs ged nach do chluich e dhaibh ro thric air an t-seusan seo.
Thàinig Sproule, a bhuineas do Thìr Eoghain an Èireann a Tuath, gu ball-coise Albannach an toiseach ann an 2005 nuair a ghluais e bho Institute gu Hibs 'son £5,000.
Shoirbhich leis ann an Dùn Èideann agus an luaths a th' aige na dhuilgheadas mòr do luchd-dìon.
Ghluais Sproule gu Bristol City ann an 2007 'son £500,000.
Às dèidh treisean air iasad còmhla ri Yeovil is Notts County, thill Sproule gu Hibs ann an 2011.
"Tha mi air dòigh gu bheil sinn air Ivan a thoirt gu Inbhir Pheofharain", thuirt manaidsear Ross County, Derek Adams.
"Cuiridh e rudeigin diofraichte ris an sgioba is e a' cluich sios cliathaich na pàirce", thuirt e

Fadachd

Thuirt Sproule gu bheil fadachd air tòiseachadh aig County.
"Bha bruidhinn ann gum falbhainn à Hibs anns an t-samhradh ach cha robh mi 'son feitheamh sia mìosan gun a bhith a' cluich", thuirt e.
"Tha mi 31 a-nise agus tha mi 'son a bhith a' cluich gach seachdain.
"S aithne dhomh Derek Adams bhon ùine aige aig Hibs is chòrd na bh' aige ri ràdh rium", thuirt e.
Tha a h-uile coltas ann nach e Sproule a-mhàin a bhios a' tighinn a-steach is Adams ag ràdh gu bheil e a' feitheamh air cead-obrach 'son aona chluicheadar agus cead eadar-nàiseanta 'son chluicheadair eile.
Thathas a' tuigsinn gur iad iad an luchd-dìon Andre Hainault à Canada agus an Grèigeach, Evangelos Oikonomou.
Cha bhi Adams ge-tà a' tabhainn cùmhnant air Hans Åge Yndestad.
Dh'fhag County Alba Dihaoine is iad gus beagan laithean a chur seachad a' trèanadh san Spàinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • County gus an sgiobair a chall