Lùghdachadh ann am prìsean thaighean

Soidhnichean
Image caption Bha prìsean sa chumantas air crìonadh beagan ann an 2012 an taca ri 2011.

Thuit prìsean taighean air a' Ghàidhealtachd beagan ann an 2012, a rèir àireamhan ùra.

Thuit cuideachd an àireamh de thaighean a chaidh a reic sa bhliadhna, sìos 1.6% air 2011.

Tha a' chompanaidh HSPC ag ràdh gun do chosg taigh air Ghàidhealtachd £163,012 sa chumantas ann an 2012.

Bha sin sìos 1.8% an taca ri 2011.

Àrdachadh

Thàinig àrdachadh ge-tà, aig deireadh na bliadhna le prìsean sa chumantas san Dùbhlachd aig £182,328.

B'e sin an àireamh mhìosail a b'àirde bhon Iuchar 2008 agus bha na figearan 15% nas àirde na an Dùbhlachd 2011.

A rèir nam figearan bho HSPC tha prìsean taighean air Ghàidhealtachd sa chumantas nas àirde na an còrr de dh'Alba.

Gu nàiseanta tha taigh a' cosg sa chumantas £153,370.

Thuirt HSPC gu bheil tòrr ann a tha airson taighean a cheannach is a reic, ach gu bheil na duilgheadasan a th' ann morgaids fhaighinn a' cur maill air a' mhargaidh.