Cùmhnant ath-nuadhachail don Ghearasdan

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Cumaidh a' chompanaidh connadh bio-stuth ris an sgeama.

Gheibh companaidh a tha stèidhichte sa Ghearasdan buannachd à cùmhnant ùr cumhachd ath-nuadhachail airson teas a chumail ri togalaichean poblach.

Chruthaich Riaghaltas na h-Alba Lìonra a' Chumhachd Bhio-stuth airson teas a chruthachadh le bhith a' losgadh fiodha.

Tha dùil gun sàbhail an cùmhnant suas ri £8.5m do luchd-pàighidh nan cìsean, agus gun cuir e stad air còrr is 198,000 tunna de Co2 thar an ath cheithir bliadhna.

Bidh a' chompanaidh Abrach HWEnergy connadh fiodha bho choilltean maireannach, a thuilleadh air goileadairean fiodha a sholarachadh ma tha sin a dhìth.

Am measg nan togalaichean air an toir an sgeama buaidh tha togalaichean an Riaghaltais, na Seirbheis Smàlaidh, nam Poileas, Seirbheis na Slàinte, ùghdarrasan ionadail, oilthighean agus colaistean, agus an Treas Roinn Gnìomhachais.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh