Obair-rathaid aig campas ùr UHI

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an obair-rathaid a' leantainn fad 20 seachdain.

Tòisichidh obair Diluain 14mh, a mhaireas 20 seachdain, gus rathad a-steach do champas ùr UHI aig an Fhaidhbhileach (no Beechwood) air iomall an ear Inbhir Nis

Thug Comhairle na Gàidhealtachd an cùmhnant airson na h-obrach, a tha luach £1.5m, don chompanaidh einnsinìridh Wills Bros Eta.

Thèid earrann de rathad a' B9006 eadar Rathad Caulfield a Tuath agus faisg air Drochaid nan Innseagan thairis air an A9 a leudachadh gu ceithir lèana, seach a dhà a th' ann.

Thèid an rathad ùr a-steach dhan champas mu choinneimh far a bheil sruth-rathad an A9 a' ceangal ris a' B9006.

'S e tè de na sgìrean as trainge ann an Inbhir Nis airson trafaig a th' ann.

Bidh an campas ùr na phrìomh ionad do dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a' tarraing ri chèile Colaiste an Àiteachais agus Colaiste Inbhir Nis.

Tha dùil gun stèidhich companaidhean rannsachaidh oifisean air a' champas cuideachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh