BBC Naidheachdan

Darling an Inbhir Nis

Published
image copyrightGetty Images
image captionTha Alasdair Darling an-dràsta air cuairt air feadh na h-Alba.
Thadhail Alasdair Darling air Inbhir Nis agus e ag iomairt airson Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte.
'S e Mgr Darling, a bha roimhe na sheansalair, a tha os cionn nan h-iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' a tha a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Tha Mgr Darling an-dràsta air cuairt air feadh na dùthcha is e ag ràdh gu bheil e airson beachdan an t-sluaigh a chluinntinn.
A' bruidhinn ri timcheall air 20 seann saighdear ann an Legion Rìoghaill Bhreatainn ann an Inbhir Nis, thog Mgr Darling draghan air na bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.
Thuirt e gun robh agus gu bheil pàirt mòr aig a' Ghàidhealtachd ann am feachdan armaichte Bhreatainn agus gum falbhadh an ceangal sin - agus tòrr obraichean - ann an Alba neo-eisimeilich.
Thuirt Mgr Darling cuideachd gun robh e air a mhisneachadh leis na beachdan is deasbadan a bha e air cluintinn air an turas aige thuige seo.
Bidh referendum ann air neo-eisimeileachd do dh'Alba an ath-bhliadhna.