Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Moira NicAnndrais

Thòisich Poilis air uaigh fhosgladh ann an Siorrachd Lannraig a dh'fhaicinn an ann an sin a tha dust nighean òg, Moira NicAnndrais, a chaidh a dhìth ann an 1957. Bhuinneadh Moira, a bha 11 bhliadhna de dh'aois, do Choatbridge. Tha amharas ann eadar cùis Mhoira, agus fear Alexander Gartshaw, a chaochail o chionn seachd bliadhna, agus a chaidh a dhìteadh airson drabastachd chloinne.

Sochairean Sòisealta

Bidh deasbad agus bhòt ann an taigh nan cumantan feasgar air plana Riaghaltas na Co-bhanntachd airson àrdachadh air sochairean sòisealta a chumail aig 1% air a' char as àirde airson an ath thrì bliadhna, agus nas lugha na tha an atmhorachd an-dràsta aig 2.2%. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach biodh e ceart sochairean a bhith ag èirigh nas motha na tha tuarastail luchd-obrach. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gur ann air teaghlaichean a tha ag obair a bhios a' bhuaidh as miosa.

Afganastan

Rinn ceannardan an Airm luaidh air saighdear Breatannach bho Rèiseamaid Einnsinìr 28, a chaidh a mharbhadh nuair a loisg duine ann an èideadh airm Afganaich air le gunna ann an sgìre Helmand an-dè. Chaidh naidheachd a bhàis a thoirt do theaghlach an t-saighdear nach deach ainmeachadh fhathast.

Béal Feirste

Bha oidhche eile de dh'àimhreit air sràidean Bhéal Feirste, le strì eadar poilis agus buidhnean de dh'òigridh. Chuir na Poilis canan-uisge agus peilearan plastaig an sàs. Tha àimhreit air a bhith ann bho cho-dhùin Comhairle Bhéal Feirste nach bi bratach an Aonaidh os cionn Talla a' Bhaile cho tric 's a bha e.

Port-adhair Obar Dheathain

Thèid ainm phort-adhair Obar Dheathain atharrachadh gu Aberdeen International. Tha seo an dèidh do BAA, a' bhuidheann dham buin am port-adhair, an t-ainm acasan a leigeil às gus am bi barrachd de neo-eisimeileachd agus saorsa aig gach port-adhair. Tha dòchas ann leis an atharrachadh seo gun tèid leudachadh air seirbheisean aig a' phort-adhair, gu h-àraid airson luchd-turais a tharraing ann.

Terry Butcher

Tha e coltach gum faodadh leas-mhanaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis, Maurice Malpas, buaidh mhòr a thoirt air co-dhùnadh Therry Butcher a thaobh am fàg e obair a' mhanaidseir ann an Inbhir Nis airson na dreuchd sin aig Barnsley san Championship ann an Sasainn. Tha Butcher agus Malpas air a bhith ag obair còmhla airson ùine mhòir ann an Alba. Ma 's e agus gun gluais Butcher gu Barnsley, tha a h-uile coltas ann gun iarr Caley Thistle na h-uidhir de dh'airgead-dìolaidh mu choinneimh sin.