Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Caillidh còrr 's millean teaghlach earrann de na sochairean cloinne aca air neo na sochairean sin air fad le atharrachadh a thàinig gu bith an diugh. Tha an riaghaltas ag ràdh gun sàbhail an siostam ùr £1.5 billean gach bliadhna. Ach tha mòran ag ràdh gu bheil an siostam mì-chothromach leis gun toir e buaidh air aon phàrant a tha cosnadh còrr 's £50,000 sa bhliadhna agus a' fàgail na sochair gu lèir aig dithis a dh' fhaodadh a bhith a' cosnadh cha mhòr a dhà uimhir sin eadar iad.

Co-bhanntachd

Tha Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg a' comharrachadh an diugh gu bheil riaghaltas na co-bhanntachd letheach slighe tron teirm pàrlamaid aca. Bidh gealltanas aca, am measg rudan eile, air cuideachadh le cosgaisean cùram-chloinne agus cùram sheann daoine. Tha na Làbaraich ag ràdh nach eil brìgh sam bith anns na molaidhean ach oidhirp air ùrachadh a thoirt air iomhaigh na co-bhanntachd.

Stuart Hall

Chaidh an craoladair, Stuart Hall, mu choinneimh na cùirte fo thrì casaidean de dhrabasdachd anns na 1970'an and 80'an le triùir nighean eadar naoi bliadhna agus seachd bliadhna deug de dh'aois. Chaidh Mgr Hall, a tha 82, as àicheadh nan trì casaidean. Chaidh a shaoradh air urras agus tillidh e dhan chùirt ann am Preston sa Ghiblein.

Cùirt

Tha dùil ri dithis òga mu choinneimh Àrd-Chùirt Ghlaschu an diugh fo chasaid gun do mhurt iad an deugaire, Liam Aitchison ann an Leòdhas ann an 2011. Tha Jonatan MacFhionghain, a tha 22, à Steòrnabhagh, agus Stefan Millar, 21, à Càrlabhagh, fo chasaid gun do mhurt iad Liam, a bha 16, ann an Steinnis faisg air Steòrnabhagh. Tòisichidh a' chùis lagh air an ath-mhìos.

SAC

Thuirt a' bhuidheann, SHAMED, Southern Hebrides Against Marine Environmental Designations, a tha a' strì an aghaidh sgìrean glèidhte aig muir ann an Caolas Bharraigh agus an ear air Miughalaigh, gu bheil eachdraidh Dhualchas Nàdair na h-Alba a' dearbhadh gum feum Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, cùl a chur ris na molaidhean. Thuirt cathraiche SHAMED, Aonghas MacLeòid, gu bheil na rinn SNH ann an sgìrean eile, mar Eilean Rum, a' dearbhadh na bheachdsan nach bu chòir spèis a thoirt do rannasachadh saidheantifigeach SNH.

Delhi

Chaidh còignear dhaoine mu choinneimh na cùirte airson a' chiad uair anns na h-Ìnnseachan an diugh fo chasaid gun do dh'èignich agus gun do mhurt iad boireannach, a bha 23, ann an Delhi air a' mhìos seo chaidh. Tha poilis ann an Delhi a' rannsachadh tachartas eile anns a' bhaile far an deach boireannach eile fhaighinn marbh air an deireadh sheachdain agus amharas ann gun deach a h-èigneachadh.

Bodach

Chaochail an duine as seana a bh' ann am Breatainn agus e 110 bliadhna de dh'aois. B'e ministear eaglais a bha'nn an Reg Dean, a Wirksworth ann an Derbyshire, agus chuir e ùine seachad cuideachd na sheaplan anns an arm. Chunnaic e an dà chogadh mhòr agus ceithir thar fhichead prìomh mhinistear air Breatainn.