Sgioba na Hearadh air an sàbhaladh

Sgioba na Hearadh Image copyright Sgioba na Hearadh
Image caption Dh'aontaich sgioba na Hearadh gun cum iad a' dol.

Cluichidh sgioba na Hearadh ann an 2013 is tuilleadh taic air nochdadh dhaibh.

Dh'èirich ceistean mòra mun chluba an-uiridh is trioblaidean aca sgioba a chur air a' phàirc a h-uile seachdain.

Bha seusan truagh aca is iad air 17 de na 18 geamaichean lìge aca a chall.

Ged nach do nochd ach 16 aig coinneamh èiginn Disathairne, dh'aontaich a' mhòr-chuid gun cluich an sgioba ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh ann an 2013.

Chaidh innse aig a' choinneimh gu bheil cluicheadaran eile ann a bha air gealltainn gun cluicheadh iad nam biodh sgioba ann.

"Tha sinn an dòchas a-niste, seach gu bheil sgioba againn, gum bi tòrr a bharrachd dhaoine a' tighinn air adhart agus ùidh aca a bhith a' cluich", thuirt fear de na cluicheadaran, Alasdair MacIllinnein.

Coinnichidh an cluba a-rithist an ath-mhìos gus comataidh a stèidheachadh is iad cuideachd a' lorg taic-airgid a bharrachd.