BBC Naidheachdan

Barrachd a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe

Published
image copyrightPA
image captionThuirt na poilis gun tàinig am poball air adhart le fiosrachadh mu dhaoine a bha a' dràibheadh fo bhuaidh na dìbhe no drugaichean.
Thàinig àrdachadh san àireamh de dhaoine aig tuath a ghlac na poilis is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe no drugaichean thairis air àm na nollaig.
Anns a' mhìos a chaidh seachad chaidh 40 dràibhear a ghlacadh.
Ann an 2011 chaidh 38 duine a chur an grèim agus 35 ann an 2010.
Thuirt ceannard nan rathaidean aig Poilis a' Chinn a' Tuath, Niall Lumsden, gur e bristeadh-dùil mòr a th'anns na h-àireamhan
Thuirt Mgr Lumsden gun do chuir na dràibhearan iad fhèin agus am poball ann an cunnart am beatha.
Thug e taing dhan phoball o chionn 's gur ann bhuapasan a thàinig am fiosrachadh mun chuid as motha de na cùisean.