Droch shìde a' toirt buaidh air a' chosta an iar

Am Bràigh
Image caption Tha droch shìde air bualadh air a' chost an iar.

Dh'iarr polis air daoine air a' chost an iar a bhith faiceallach is neart na gaoithe glè làidir aig an deireadh-sheachdain.

Chaidh na mìltean fhàgail gun dealan san Eilean Sgitheanach agus anns na h-Eileanan an Iar oidhche Shathairne.

Dhearbh SSE gun deach an dealan dheth mu 10.00f ach gun robh cùisean ag obair mar bu chòir a-rithist trath sa mhadainn Didòmhnaich.

Chaidh mòran aiseagan air a' chosta an iar a chur dheth ri linn na droch shìde cuideachd.

Chìthear am fiosrachadh às ùr air làraich lìn Chaledonian Mhic a' Bhruthainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile