BBC Naidheachdan

Dragh mu bhradan GM

Published
image copyrightVT Freeze Frame
image caption'S e seo a' chiad turas a cheadaicheadh beathach GM, seach lus, a bhith air àrach airson bìdh.
Tha Ball-Pàrlamaid Albannach ag iarraidh gun tig iasgairean-slaite agus tuathanaich èisg còmhla, airson cur an aghaidh mar a tha na Stàitean Aonaichte air cead a thoirt do bhradain GM a bhith gan àrach.
Tha Rob Gibson, a tha a' riochdachadh Ghallaibh, Chataibh agus Rois dhan SNP, draghail gun toir iad na gineachan mì-nadarra aca seachad do bhradain fhiadhaich sa Chuan Siar ma gheibh iad ma-sgaoil.
'S e sin am bradan a gheibhear ann an aibhnichean na h-Alba.
'S iad buidheann tèarainnteachd a' bhìdh sna Stàitean Aonaichte, an FDA, a thug cead seachad airson bhradain GM a bhith air an àrach, 's iad ag ràdh nach eil cunnart an lùib a bhith a' dèanamh seo, fhad 's gun àraichear iad ann an àrainneachd a tha gu tur fo smachd.
Tha Mgr Gibson gu math draghail mu dheidhinn sin ge-tà, agus e ag iarraidh air iasgairean-slaite agus tuathanaich èisg tighinn còmhla gus cur an aghaidh a' cho-dhùnaidh.
'S e seo a' chiad turas riamh a chaidh beathach sam bith a th' air atharrachadh tro GM, a cheadachadh airson biadh mhic an duine.
Bidh Mgr Gibson a' sgrìobhadh gu Rùnaire na h-Àrainneachd feuch dè an dòigh as èifeachdaiche air an cuirear an aghaidh a' cho-dhùnaidh a rinneadh anns na Stàitean Aonaichte.