BBC Naidheachdan

Seach-rathad an t-Sròim dùinte gach taobh

Published
image copyrightOther
image captionBha an rathad dùinte ceithir mìosan às dèidh maoime-slèibhe eile aig àm na Nollaige an-uiridh.
Tha seach-rathad an t-Sròim dùinte gach taobh an dèidh maoim-slèibhe a thachair Là na Nollaige.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' rannsachadh an t-suidheachaidh.
Tha dùil gum bi an rathad dùinte trì no ceithir làithean.
Dhùin maoim-slèibhe aig àm na Nollaige an-uiridh an rathad fad ceithir mìosan, ag adhbharachadh gun do chuireadh an t-seann aiseag an sàs a-rithist thar a' Chaolais Charrannaich.
Chuireadh cuideachd bratan rubair air an loidhne-rèile ri taobh an rathaid gus càraichean a ghiùlain seachad air làrach na maoime-slèibhe.
Tha dùil gun cosg e suas ri £109m airson suidheachadh a rèiteachadh san ùine fhada.
Tha maoim-slèibhe cuideachd air rathad eile air Ghàidhealtachd a dhùnadh.
Tha an A897 eadar Bun Ilidh agus Ceann a' Bhràiste ann an Cataibh dùinte gach taobh às dèidh maoime-slèibhe a thachair air an deireadh-sheachdain.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Trafaig Alba.