BBC Naidheachdan

Seach-rathad an t-Sròim dùinte às dèidh maoime-slèibhe

Published
Tha seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois dùinte gach taobh, às dèidh maoime-slèibhe.
Tha dùil gum fuirich an rathad dùinte 3 neo 4 làithean agus thathas a' stiùireadh trafaig rathad eile.
Thuirt neach-labhairt aig Comhairle na Gàidhealtachd gun tàining mu 15 tunna de chlachan is ùir sìos air an rathad.
Tha dùil gum feum luchd-obrach eadar 40 agus 50 tunna eile a ghluasad mus tèid aca air an rathad fhosgladh a-rithist.
Chaidh an rathad a dhùnadh fad 4 mìosan às dèidh maoime-slèibhe eile mu àm na Nollaige an-uiridh.