Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Raon-ola Ùr

Thèid raon-ola ùr fhosgladh an ear air Sealtainn le luach £4.3bn de leasachadh sa bheil a' chompanaidh à Nirribhidh Statoil an sàs còmhla ris a' bhuidhinn Cairn Energy a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann. Thuirt iad gun cùm Raon Mariner cosnadh ri 700 duine, 200 dhiubh air tìr ann an Obar Dheathain. Tha dùil gun tig a' chiad ola às ann an 2017, le 55 baraille gach là airson còig bliadhna an toiseach, agus dùil gum mair an ola airson 30 bliadhna.

Na Bancaichean

Thuirt a' chiad aithisg bhon choimisean Pàrlamaid a tha a' rannsachadh nam bancaichean nach eil molaidhean an riaghaltais airson atharrachaidh a' tighinn faisg air na tha a dhìth. Chuir an Coimisean fàilte air planaichean airson airgead ann an cunntasan banca cumanta a chumail air leth bhon chunnart a tha an lùib a bhith a' cur airgid an tasgadh ann an earrainnean agus ann am margaidhean ionmhais. Ach thuirt an coimisean gum feum peanas nas cruaidhe a chur air bancaichean nach cùm ris na riaghailtean, le bhith mar eismipleir a' dèanamh dà roinn den cuid obrach. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gu bheil an coimisean agus an riaghaltas air an aon bheachd anns an fharsainneachd.

Locarbaidh

Thuirt Tosgaire Libia dhan Rìoghachd Aonaichte, Mahmud Nacua, gu bheil an riaghaltas ùr ann an Tripoli deònach an obair pàipeir gu lèir a thoirt seachad mu spreadh Locarbaidh bho chionn 24 bliadhna, anns an deach 103 duine a mharbhadh. Ach thuirt e nach eil iad deiseil airson sin aig an ìre seo, agus gum faodadh gum bi bliadhna ann fhathast mus tachair sin.

Fiachan na Dùthcha

Ghabh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £17.5bn air iasad air a' mhìos a chaidh a rèir fhigearan oifigeil. Tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil an t-suim sin an ìre mhath mar a bhiodh dùil. Tha e a' ciallachadh gun do dh'èirich fiachan Bhreatainn gu lèir còrr is 68% de thoradh na dùthcha, 4% nas àirde na bh' ann bho chionn bliadhna.

RET

Thàinig rannsachadh do Riaghaltas na h-Alba dhan cho-dhùnadh gu bheil eaconamaidh nan Eilean Siar, agus cuideachd eaconamaidhean Cholla agus Thiriodh, air fulang leis mar a thug Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown, faraidhean aiseig RET air falbh bho charbadan coimearsalta a' siubhail dha na sgìrean sin an-uiridh. Chuir e faraidhean suas 50% anns a' Ghiblean. Tha an rannsachadh ag ràdh gu bheil e a' bualadh air an eaconamaidh gu lèir, ach gu h-àraid air na roinnean agus na sgìrean as laige.

Càbal a' Chuain Sgìth

Tha a' chompanaidh dealain SSE a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba 's ris an Rìoghachd Aonaichte agus riaghladair a' chumhachd Ofgem mun dòigh sa bheil a' chosgais a' sìor èirigh airson càbal-dealain ùir eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr. Thuirt SSE gum feum bruidhinn air na cosgaisean £700m air a' char as lugha air feadhainn a tha a' cleachdadh dealain air feadh an t-Saoghail.