BBC Naidheachdan

Oidhirp air am Parbh a cheannach

Published
image copyrightRob Burke/Geograph
image captionTha an MoD ag iarraidh am fearann a chur ris an raon bhomaidh aca san sgìre.
Tha Urras Iain Mhuir air taic Riaghaltas na h-Alba iarraidh 's iad airson am Parbh a dhèanamh fosgailte dhan phoball.
Tha Buidheann Leasachaidh Dhiùrnais airson 58 acair a tha timicheall air taigh-solais a' Phairbh a cheannach.
Ach tha Ministrealeachd an Dìon (MoD) cuideachd ag iarraidh na talmhainn, 's iad airson an raon bhomaichean aca a leudachadh, agus ma shoirbhicheas leotha thèid daoine a chasg bho aon de na sgìrean is boidhche ann an Alba.
Tha Bòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath airson an talamh mu chuairt an taighe-sholais a reic.
Tha an MoD ag ràdh gur ann air sgàth slàinte 's sàbhailteachd a tha iad airson am fearann fhaighinn, leis nach eil ann ach pìos beag, 's e ri taobh an raoin bhomaidh aca.
A reir a' mhinistear Mark Francois, bhiodh muinntir an àite an uair sin air an toirmeasg o a bhith a' dol ann.
Tha Urras Iain Mhuir, aig a bheil sealbh air lethid Beinn Nibheis, agus a th' air coimhearneachdan a chuideachadh roimhe gus smachd fhaighinn air an talamh aca fhein, ag ràdh gum biodh e do-chreidsinneach luchd-tadhail is muintir an àite a chumail a-mach às an àite as fhaide iar-thuath air Tìr Mòr na h-Alba.
Tha an t-Urras a' cur ìmpidh air an Riaghaltas aonta a ruighinn air sealbh coimhearsneachd cho luath 's a ghabhas.