BBC Naidheachdan

Aonta ga ruighinn air cuotathan èisg

Published
image copyrightGetty Images
image captionChaidh aonta a ruighinn às dèidh trì làithean de chòmhraidhean.
Tha ceannardan iasgach na h-Alba air fàilte, gu ìre, a chur air an aonta as ùire leis an Aonadh Eòrpach mu chòirichean iasgaich ann an 2013.
Às dèidh chòmhraidhean, a mhair trì làithean agus a lean gu uairean beaga na maidne, ràinig Ministearan Iasgaich an Aonaidh co-dhùnadh.
Thèid cuota na h-adaige an-àirde sa Chuan a Tuath. Ach, air a' Chosta an Iar, thèid a ghearradh 30%. Tha seo beagan nas fheàrr na an gearradh de 48% a bha san amharc.
Thèid cuota a' mhuasgain-chaoil cuideachd an-àirde 18%, deagh naidheachd sa phàirt luachmhor seo den ghnìomhachas.
Cha tig fios mu na bhios an dàn do dh'iasgach an truisg chun an Fhaoillich ge-tà, agus còmhraidhean fhathast a' leantainn le Nirribhidh, a tha taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich.
Mar sin, tha planaichean airson gearradh 20% sa chuideam de throsg a bhiodh e ceadaichte a ghlacadh, fhathast air a' bhòrd.
Cha deach aontachadh an àireamh de làithean a tha e ceadaichte a chur seachad aig muir a lùghdachadh nas motha.