BBC Naidheachdan

Wavegen air cùl a chur ri pròiseact Shiadair

Published
Chaidh cur às do phlana airson sgeama cumhachd ath-nuadhachail a stèidheachadh far chosta Leòdhais.
Bha a' chompanaidh Wavegen a' miannachadh pròiseact a chruthaicheadh suas ri 20MW de dhealan a chur air dòigh faisg air Siadair.
Tha iad air cùl a chur ris a' phròiseact air sàilleabh dìth ionmhais agus mì-chinnt mu a bhith a' cur càbail-dealain eadar an t-eilean agus Tìr Mòr.
Tha dòchas ann fhathast gun lean companaidh eile, Aquamarine Power, orra le sgeama airson suas ri 40MW a thoirt bho neart na faraige, ged a tha seo cuideachd a' crochadh air Càbal a' Chuain Sgìth.