Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hillsborough

Dh'fhoillsich Rùnaire na Dùthcha gun tèid rannsachadh poilis ùr a thòiseachadh air tubaist Hillsborough anns na do bhàsaich 96 neach. Dh'innis Theresa May gur e John Stoddart a bhios os cionn an rannsachaidh ùir, a bha os cionn Poilis Dhurham roimhe. Chaidh innse gum bi Mgr Stoddart ag obair leis an IPCC airson beachd nas fheàrr fhaighinn air dè thachair dhan fheadhainn a bhàsaich, agus mar a bha na Poilis gan giùlain fhèin an dèidh na tubaiste.

Plebs

Dhearbh Poilis a' Mhet gu bheil iad a' rannsachadh chasaidean gun do leig oifigear poilis air gun robh e na bhall den phoball, agus gun do dh'innis e breugan mu Anndra Mitchell, a b'àbhaist a bhith na Àrd-Chuip air a' Phàrtaidh Thòraidheach. A rèir sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh le Sianal 4, dh'innis an t-oifigear breug nuair a thuirt e gun robh e an làthair nuair a chaidh Mgr Mitchell a throd ri oifigearan poilis aig Sràid Downing. Thuirt Oifis a' Phrìomhaire gun robh na casaidean, a thug air Mgr Mitchell an Caibineat fhàgail, nan cùis uallaich.

Newsnight

Foillsichidh Urras a' BhBC aithisg an ceann uair de thìde no mar sin air mar a chaidh co-dhùnadh am prògram Newsnight air dol-a-mach Jimmy Savile a chumail far an eadhair. Foillsichidh iad cuideachd toradh an rannsachaidh a chaidh a dhèanamh air a' phrògram Newsnight a rinn ceangal mearachdach eadar am Morair McAlpine agus casaidean drabastachd chloinne.

Fireannach an Grèim

Chaidh fireannach aosta eile a chur an grèim le oifigearan poilis a tha a' rannsachadh chasaidean co-cheangailte ri sgainneal Jimmy Savile. Chaidh an duine, a tha còrr is 70 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim na dhachaigh ann an Lunnainn aig 06:30m an-diugh, agus thathas an-dràsta ga cheasnachadh ann an stèisean poilis ann an ceann a deas a' bhaile.

Cosgaisean Puist

Tha daoine air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' pàigheadh suas ri còig uimhir a bharrachd na pàirtean eile den dùthaich, ann an cosgaisean lìbhrigidh, a rèir Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill. Tha aithisg ùr bhon CAB den bheachd nach eil seo cothromach idir, agus millean neach ann an Alba a' pàigheadh tuilleadh 's a' chòrr airson stuth fhaighinn tron phost. Tha a' bhuidheann a' moladh do dhaoine strì a dhèanamh airson toirt air companaidhean na cosgaisean aca a chothromachadh.

Pagastan

Agus chaidh triùir dhaoine a bha an sàs ann an iomairt banachdachd polio a mhurt le gunna ann am Pagastan. An-dè chaidh còignear luchd-obrach slàinte a mhurt fhad 's a bha iad a' cur na banachdaich air chloinn òig. Tha UNICEF, buidheann cloinne nan Dùthchannan Aonaichte, air dàil rè ùine a chur anns an iomairt aca an aghaidh polio ann am Pagastan 's na Taliban ag ràdh gu bheileas a' cleith iomairt brathaidh.