Leasachadh an Druim na Drochaid

Sealladh air Blàr na Maigh is Druim na Drochaid. Image copyright GEOGRAPH
Image caption Bhiodh an leasachadh ann eadar Druim na Drochaid agus Blàr na Màigh.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson leasachadh mòr taigheadais agus ghnìomhachais a thogail ann an Druim na Drochaid.

Dh'innis a' chompanaidh Loch Ness Homes gu bheil iad airson talamh a chleachdadh air gach taobh den A82 aig a' Chille Mhòir, eadar Druim na Drochaid agus Blàr na Màigh.

Bhiodh 150 taigh ann còmhla ri dachaigh-cùraim, ionad-slàinte, bùithdean is oifisean.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad an dòchas gum biodh goireasan turasachd am broinn an leasachaidh agus gun tèid obraichean ùra a chruthachadh ann an Druim na Drochaid.

Còmhraidhean

Tha Comhairle Coimhearsnachd Dhruim na Drochaid ag ràdh gu bheil iad ann an còmhraidhean ris a' chompanaidh is tha e coltach gu bheil iad gu sònraichte taiceil a thaobh ionad-slàinte a bhith air a thogail sa bhaile.

Thug a' chomhairle coimhearsnachd cuireadh do mhuinntir an àite thighinn dhan ath-choinneimh aca air an 14mh den Fhaoilleach gus na planaichean a dheasbad.

Ron a sin thèid na planaichean a thaisbeanadh dhan t-sluagh ann an Ionad Creig a' Mhonaidh ann an Druim na Drochaid eadar 7-12mh den Fhaoilleach.