Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àireamh Sluaigh

Chaidh àireamh an t-sluaigh anns na h-Eileanan Siar agus ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd suas anns na 10 bliadhna mu dheireadh a rèir fhiosrachaidh oifigeil bhon Chunntas-Sluaigh. Sna h-Eileanan Siar, chaidh an t-àireamh shluaigh suas mu 1,500 eadar 2001 agus 2011 gu 28,000. Chaidh sluagh na Gàidhealtachd suas còrr is 20,000, ach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, tha na àireamh air tuiteam, sìos 3,000 thairis air na deich bliadhna. Ann an Alba air fad bha àireamh an t-sluaigh aig an ìre as àirde riamh, suas còrr is 200,000 gu faisg air 5,300,000.

Murt Newtown

Tha buidhnean gunna sna Stàitean Aonaichte ag ràdh nach eil riaghailtean nas cruaidhe a dhìth, a dh'aindeoin sgrios ann an Connecticut Dihaoine, far an deach 20 duine cloinne, agus sianar inbheach a mharbhadh aig sgoil nuair a loisg duine òg orra le gunna. Gheall an Ceann-suidhe Obama ge-tà gun dèan esan na 's urrainn dha gus nach tachair a leithid tuilleadh.

Pagastan

Chaidh 17 duine a mharbhadh, agus còrr is 70 a leòn le spreadh aig margaidh thrang ann an ceann an iar-thuath Pagastan. Tha aithrisean ann gun deach boma fhàgail ann an càr ann am baile Jamrud, faisg air Peshawar.

Nick Clegg

Tha an Leas-Phrìomhaire, Nick Clegg, air a bhith a' dìon mar a tha Riaghaltas na Co-bhanntachd a' toirt atharrachaidh air siostam nan sochairean. Thuirt Mgr Clegg, mur a biodh atharrachadh, gun cailleadh an sluagh gu lèir an earbsa anns an t-siostam. Thuirt e cuideachd gu bheil dleastanas air an riaghaltas agus air a' mhòr-shluagh, airson eaconamaidh nas làidire agus nas cothromaiche a thogail.

Comhairle nan Eilean Siar

Rinn Comhairle nan Eilean Siar adhartas air a' bhliadhna a chaidh seachad ann an stiùireadh ionmhais agus ìrean obrach, ach tha na h-uimhir ri dhèanamh fhathast ann an stiùireadh luchd-obrach, am measg rudan eile. Tha aithisg bho Choimisean a' Chunntais an-diugh a' toirt sùil air ais air a' bhliadhna bhon t-Samhain an-uiridh, nuair a thog Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba dragh mu chion-adhartais ann an cuid de roinnean na Comhairle.

Barraigh

Thèid beachd mhuinntir Bharraigh is Bhatarsaigh iarraigh aig coinneamhan poblach a-nochd agus an ath-oidhche air am bu chòir dhaibh feuchainn ris an fhearann aca fhaighinn dhan choimhearsnachd. 'S ann le Roinn an Àiteachais aig Riaghaltas na h-Alba a tha an talamh an-dràsta, an dèidh dhan t-seann uachdaran, Iain MacNèill, fhàgail aca.

MV Halaig

Thèid am bàt-aiseig ùr MV Halaig, a bhios air an t-slighe eadar Sconnsair agus Ratharsair, a chur air bhog an-diugh aig Port Ghlaschu air Linne Chluaidh. 'S i a' chiad bhàta de a seòrsa air an t-saoghal, agus i a' ruith air an dà chuid diesel agus bataraidhean. Cuiridh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, am bàta ùr air bhog feasgar, agus tha dùil gun tòisich i air an t-seirbheis eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach nuair a thèid crìoch air leasachadh cidhe Sconnsair as t-Earrach.